Bean A' Chòtain Ruaidh

Bean A' Chòtain Ruaidh 가사

장르Folk
길이4:04
원문 언어MS
조회수73
가사 좌표

원문 가사

MS
번역이 아직 없습니다. 원문 가사를 표시합니다.
18
Càit an robh mo leannan boidheach Bean a' chòtain ruaidh An robh I cas rùisgt' air an lòn Is driùchd an fheòir cho fuar? No'n robh I ruith le casan beaga Feadh nam preas 's nam bruach Gun ghùn, gun chleòc, gun bhrèid, gun bhròig Ach ann a còtan ruadh Cuailean bòidheach 's fiamh an òir dheth 'S dath an ròis ad ghruaidh Suidh leam còmhla 's nì mi òran Air do chòtan ruadh Tha'n còtan goirid mar is dlùth dha Tighinn gu d'ghlùn a nuas Ach troidh as bòidhche cha do chòmhdaich Còta dubh no ruadh Rìgh, beannaich 's glèidh mo leannan 'S cùm I fada buan A dà shùil mheallach orm a' fanaid 'S a' cur car am dhuan Nuair bhios airgead ann am phòca Gheibh thu sròl thar chuan Ach cha bhi sròl no sìoda dhomhsa Mar bha'n còtan ruadh Càit an robh mo leannan boidheach Bean a' chòtain ruaidh An robh I cas rùisgt' air an lòn Is driùchd an fheòir cho fuar? No'n robh I ruith le casan beaga Feadh nam preas 's nam bruach Gun ghùn, gun chleòc, gun bhrèid, gun bhròig Ach ann a còtan ruadh