Nighean Mo Ghaol

Nighean Mo Ghaol 가사

장르Folk
길이4:20
원문 언어MS
조회수111
가사 좌표

원문 가사

MS
번역이 아직 없습니다. 원문 가사를 표시합니다.
18
Chorus (after each verse): 'S e nighean mo ghaoil-s' an nighean donn òg Nam biodh tu ri m' thaobh cha bhithinn fo bhròn 'S e nighean mo ghaoil-s' an nighean donn òg 'S I màiri nic neacain as daicheile pearsa Ghabh mis' uiread beachd oirr' ri neach a tha beò Nuair sheallainn air d'aodann 's mi'n coinneamh ri d'fhaotainn Bu mhath leam na faodainn bhith daonnan 'nad chòir 'S on thug thu dhomh gealladh, 's ann dhut-sa nach aithreach 'S chan fhaicear thu'n ath-bhliadhn' 'nad bhanarach bhò Cha tèid thu do'n bhuailidh a bhleoghan cruidh ghuaillfhionn 'S cha chuir thu ort cuaran 's gur h-uallach do bhròg Chan fhòghnadh le m' chruinneag a' bhuarach neo chuinneag 'S cha chluinnear gun cumadh I cuman 'na dòrn Cha leig mi thu'n fhireach thoirt cruidh as an innis Air eagal na gillean bhith sireadh do phòg