An Ribhinn Bhòidheach

An Ribhinn Bhòidheach 가사

장르Folk
길이2:02
원문 언어GA
조회수58
가사 좌표

원문 가사

GA
번역이 아직 없습니다. 원문 가사를 표시합니다.
18
A ribhinn bhòidheach nach toir thu géill dhomh 'S nach dèan thu éisdeachd le spéis ri m' chòmhradh Mo bheatha saogh'lta gun saors', gun fheum dhomh Mas e mo thréigsinn a nì riut còrdadh D' ìomhaigh àlainn mar mhadainn chéitein 'S a' ghrian ag éirigh air sléibhtean ceòthar Chan fhaca adhamh an gàrradh eden Nas àill' na m'eudail am measg na ròsan Dhutsa liùgainn bhith dlùth 'n àm éirigh Fad mo rèis bhithinn réidh ri d' iarraidh 'S tu cuspair m' àraich, 's tu leigheas m' eucail Iùl mo cheum, 's tu mo reul gu sìorraidh Nì aois an sgiamh tha 'nad ìomhaigh fhuadach 'S a h-uile dual tha 'na d' chuailean a liathadh Ach, och, mo chiat-s' dhut cha chiar 's chan fhuaraich Bidh e, a luaidh, dol nas buan gach bliadhna A ribhinn bhòidheach nach toir thu géill dhomh 'S nach dèan thu éisdeachd le spéis ri m' chòmhradh Mo bheatha saogh'lta gun saors', gun fheum dhomh Mas e mo thréigsinn a nì riut còrdadh