Tuireadh Bàrd Thùrnaig

Tuireadh Bàrd Thùrnaig 歌詞

年2006
ジャンルFolk
時間3:25
原文言語MS
閲覧数176
歌詞座標

原文歌詞

MS
翻訳はまだありません。原文を表示しています。
18
Fo thomain ghorm ùrach Sa cheàrnaig bheag chùbhraidh Ann an cladh Abhainn Iù Tha Bàrd Thùrnaig aig tàmh Cha dhùisg e, cha dhùisg e À leabaidh chaol dhùinte 'S tha dhìlsean trom tùrsach Ag ionndrainn a' Bhàird Nuair laigh an t-seann aois air Cha b' ait dha an saoghal Sgil lèighean chlann-daoine Cha shaoradh on bhàs Chuir e gu buil bhuadhmhor An tàlann a fhuair e Ga cleachdadh gu suairce Le huaisleachd a ghnàth An seirbheiseach dìleas An taodhair 's an cìobair Bu luaithe a dhìreadh Ri mill nam beann àrd 'S aig crìoch a chuid sgrìoban A chuireadh an sgrìobhadh Na bh' aige san inntinn 'Son innseadh do chàch