Reul Àlainn A' Chuain

Reul Àlainn A' Chuain 歌詞

年2006
ジャンルFolk
時間3:14
原文言語GA
閲覧数556
歌詞座標

原文歌詞

GA
翻訳はまだありません。原文を表示しています。
18
A Mhaighdeann as gile A Mhoire mhìn mhàthair Nad chomsa na aonar Bha 'n Slànair a' tamh Tha 'n oidhche, a Mhoire Air tuiteam mun cuairt Nach nochd thu do shoillse Reul àlainn a' Chuain? Reul àlainn a' Chuain Reul àlainn a' Chuain Nach nochd thu do shoillse Reul àlainn a' Chuain? Tha 'n oidhche le neulaibh A' còmhdach an t-saoghail Tha bratach an dorchadais Sgaoilt' anns a' ghaoith Tha 'n Eaglais ga buaireadh 'S tha sùil coimhead suas Nach nochd thu do shoillse Reul àlainn a' Chuain? Reul àlainn a' Chuain Reul àlainn a' Chuain Nach nochd thu do shoillse Reul àlainn a' Chuain? Bu lèir do Mhac Dè d'anam Geal 's e gun bheud 'S nach tàinig am peacadh Na chòir ghabhail seilbh Cha d' bhuin e bho thùs Ach don Tighearna 's uaisl' Is choisrig e d' shoillse Reul àlainn a' Chuain Reul àlainn a' Chuain Reul àlainn a' Chuain Is choisrig e d' shoillse Reul àlainn a' Chuain An talamh cha tug Ach aon fhasgadh do Dhia Am fasgadh sin crìdh' Na h-Òigh' beannaichte, fial Bha fàrdach Mhic Dhè Agus fasgadh nan truagh An soillse do chrìdh'sa Reul àlainn a' Chuain Reul àlainn a' Chuain Reul àlainn a' Chuain Nach nochd thu do shoillse Reul àlainn a' Chuain?