Rìbhinn Donn

Rìbhinn Donn 歌词

年份1999
流派Rock Roll
原文语言—
浏览量9
歌词坐标

原文歌词

暂时没有翻译,当前显示原文歌词。
18
O mo rùn Tha an oidhche gheamhraidh reòite 's fuar Na bliadhnaichean dol bhuainn Is bhon chiad là gheall mi dhut Chuir sinn seachad cuairt am bliadhn' Is gach uile gheamhraidh anns a' bhlàths A chailin òg dhan tug mi luaidh Aon earrach ùr O mo rùn Tha an là a th' ann cho truagh ri gaol Gann tha 'n cridhe nach diùlt Is a' bhòid a mhaireas buan O òigh, àlainn, chiùin Cò eil' air thalamh ghabhadh t-àit' Gun siùbhlainn leat gu cùl na grèin' 'S gu crìoch là Mo rìbhinn òg Mo rìbhinn donn Gun siùbhlainn leat gu cùl na grèin' Is gu crìoch là O mo rùn Tha mi mar as àbhaist 's mi nam aon Na mo shuidhe sgrìobhadh dhàn 'S e seo dòigh mo dhaoin' Is molaidh mi do chliù Le òran ceangailt' anns an nòs 'S ged sheasainn air gach uile reul Bhiodh tu os cionn Mo rìbhinn òg Mo rìbhinn donn 'S ged sheasainn air gach uile reul Bhiodh tu os cionn Mo rìbhinn òg Mo rìbhinn donn 'S ged sheasainn air gach uile reul Bhiodh tu os cionn