Ruith Na Gaoith

Ruith Na Gaoith 歌词

流派Folk
时长3:37
原文语言GA
浏览量44
歌词坐标

原文歌词

GA
暂时没有翻译,当前显示原文歌词。
18
Tha do shùilean a tàladh mar fhàil òir Cho soilleir, cho sìtheil, cho prìseil thar glòir 'S do bhòidhchead gun choimeas mar eal' air a chuan O, mhàiri-eilidh, 's tu mo rùn 'S bidh gillean a bhaile a radh, "tha thu faoin Chan eil I ach mar nathair, a' mealladh gun smaoin" Ach tha mo dhìlseachd cho domhainn gun ghrùnnd Gun fhois, gun iomall, gun chadal, 's gun sunnd 'S ge daor do phògan 's cruaidh do chrìdh' 'S ge daor do bhòidean briathran gun bhrìgh Latha 's a dh'oidhche tha m'anam gun sìth 'S ge daor do phògan, leanaidh mi On a chunnaic mi do mhaise, tha m' aigne gun tàmh Long mo thuigse gun sheòl 's gun ràmh 'S ged tha mi a' tagradh, cha ghabh thusa ùidh O, mhàiri-eilidh, 'eil mi ruith na gaoith? 'S ge daor do phògan 's cruaidh do chrìdh' 'S ge daor do bhòidean briathran gun bhrìgh Latha 's a dh'oidhche tha m'anam gun sìth 'S ge daor do phògan, leanaidh mi