Òganaich An Òr-fhuilt Bhuidhe

Òganaich An Òr-fhuilt Bhuidhe 歌词

年份2006
流派Folk
时长3:38
原文语言GA
浏览量135
歌词坐标

原文歌词

GA
暂时没有翻译,当前显示原文歌词。
18
Òganaich an òr-fhuilt bhuidhe Leat a chinneadh sealg is sitheann 'S ann ad ghruaidh a bhiodh an ruthadh Nuair a bhiodh tu siubhal bheann Nuair a dhìreadh tu na stùcan Leis a' ghunna caol nach diùltadh 'S e do luaidhe ghorm is d' fhùdar Chuireadh smùid air feadh nan gleann Òganaich an òr-fhuilt shnìomhain Dh'fhàg thu saca trom air m' inntinn 'S mura tig thu nall don tìr seo Mo thoil-inntinn bidh air chall Gu bheil a bhlàth siud air mo ghruaidhsa Gun tug mi dhut gaol nach fuaraich Dh'innis iad gun tug thu fuath dhomh Ach cha chreid mi, luaidh, an cainnt Ged a chuirte mi an iarainn Fhad 's bu bheò mi gam phianadh Cha chuir mi do ghaol air dìochuimhn' Seo a' bhliadhna liath mo cheann