گیت کے بول کے نقاط
GAاصل بول
ترجمہ ابھی دستیاب نہیں۔ اصل بول دکھائے جا رہے ہیں۔
Tha mi tinn 's mi ri caoidh mo dhòchais
Nochd 'san raoir 's fad na h-oidhche mhò-raoir
Do chòmhradh meallta 'sa gheamradh dhòmhsa
Chuir falt mo chinn dha na toill na dhlòthan
Bha mi'm oidhch' ud 'smi aig an teine
'S bu tu an luaisgean a bha air m'aire
Nuair a chuala mi fuaim an dorais
'S e air a ghluasd aig fear uallach baile
Theireadh cach rium nach robh thu ciallach
Gun robh 'g-òl 's nach bu mhòr a b'fhiach thu
Stad a ghraidh cha ro ann ach briagan
Se mise b'eolaich bhon t-òige riamh ort
Bha do chairdean toirt tàir is beul dhomh
Airson a ghraidh gun tug mi mo spèis dhut
Faodaidh iadsan bhith sàmhach 's eisdeachd
Far an laigh an gràdh, cha chuir càil bho cheill e
Bha mo chairdean iad orm ag iarraidh
An gaol a thug mi a chuir air diochuimhn'
Ach bha sin dhaibhsan a cheart cho diomhuinn
Ri muir-làn a thraghadh 's muir tràigh a lionadh







