A Mhairead Og

A Mhairead Og şarkı sözleri

TürFolk
Süre2:13
Orijinal dilMS
Görüntülenme71
Şarkı sözü koordinatları

Orijinal sözler

MS
Çeviri henüz yok. Orijinal sözler gösteriliyor.
18
A Mhairead òg, 's tu rinn mo leon Gur cailean bhòidheach lurach thu Gur guirme do sùil a' mhadainn chiùin An dearc air chùl nan duilleagan Gur guirme do sùil a' mhadainn chiùin An dearc air chùl nan duilleagan Gur gil' thu ghràidh na 'n sneachda bàn A' cur air àird nam monaidhean Gur gil' thu ghràidh na 'n sneachda bàn A' cur air àird nam monaidhean Och, 's i mo mhàthair rinn an call Nuair chuir i shealg nan tunnag mi Och, 's i mo mhàthair rinn an call Nuair chuir i shealg nan tunnag mi 'S nuair ràinig mi an linne chaol 'S ann bha mo ghaol a' srùthladh innt'e 'S nuair ràinig mi an linne chaol 'S ann bha mo ghaol a' srùthladh innt'e 'S ann teid rinn dhomsa linne caol Cha dean thu ghaol gi'n tuilleadh 'S ann teid rinn dhomsa linne caol Cha dean thu ghaol gi'n tuilleadh Air leabaidh làir chan fhaigh mi tàmh 'S air leabaidh àird cha chuir iad mi Air leabaidh làir chan fhaigh mi tàmh 'S air leabaidh àird cha chuir iad mi Mi 'n diugh 's an dé air cnoc leam fhéin A' sileadh dheur 's mi turaman Mi 'n diugh 's an dé air cnoc leam fhéin A' sileadh dheur 's mi turaman O Rígh nan dùl cum rium mo chiall Cha robh mi riamh 's a' chunnart seo O Rígh nan dùl cum rium mo chiall Cha robh mi riamh 's a' chunnart seo A Mhairead òg, 's tu rinn mo leòn 'S tu dh'fhàg fo bhròn 's fo mhulad mi