Lyrics coordinates
GAOriginal lyrics
Translation not available yet. Showing the original lyrics.
Air fà lì leó
Horo ghealladh éile
Air fà lì leó
'S mise seo 's tha mulad orm
Ch-uile h-aon a' pòsadh
'S mise seo gun phòsadh fhathast
Fuireach ann am ònar
Seann duine cha ghabh mi idir
Bidh e fada 'g éirigh
Fada 'cuir a churrag air
Fada 'dol na éideadh
Cha téid e mach gun am bata
Cha tig e steach gun an ad air
Saoilidh e gur geòidh na cearcan
Saoilidh e gur caoraich creagan
Saoilidh e gur luchainn lachan
Saoilidh e gur siùcar sneachda
Saoilidh e gur làir a' searrach
B'annsa balach sgiobalt dhomh
Thogadh is a leagadh mi
Thogadh mi á féithe







