Oran Chalum Sgàire

Oran Chalum Sgàire 가사

장르Folk
길이2:41
원문 언어영어
조회수172
가사 좌표

원문 가사

EN
번역이 아직 없습니다. 원문 가사를 표시합니다.
18
Och hirì gur trom m' osnaich 'S fad bho mo luaidh nochd mi Mise tuath air ceann Lochlann Is is' aig Loch an Fhir Mhaoil Sèist: Fàill éille 's ho ra u Fàill éille 's ho ra u Fàill éille 's ho ra u Hogaidh ó 's na hó ì Ged is math a bhith seòladh 'S olc a tha e gam chòrdadh 'S mór gum b' fheàrr a bhith 'm Bòstadh A' cur an eòrna 's a' raon Dh'fhalbh i ghluais i leinn dhacha Cruinn ùra, 's siùil ghealaidh Chuir i chuairt ud air Arcaibh Tide mhara 's i leinn Tighinn a nuas dhuinn aig Barbhas Thàinig oiteg on earra dheas 'S ann a shamhlaich mi falbh i Ris an earba air tìr Nuair a dhìrich mi 'n cruadhlach Thug mi sùil thar mo ghuailleadh 'S ann a chunnaic mi gruagach A' dol mun cuairt air a nì Nuair a dhìrich i bhruthach Thilg i bhuarach 's an cuman 'S thuirt i, "S uaibhreach an-diugh mi Seo air cuspair mo ghaoil"