Thig An Smeorach As t-Earrach

Thig An Smeorach As t-Earrach 가사

연도2004
장르Folk
길이5:36
원문 언어GA
조회수52
가사 좌표

원문 가사

GA
번역이 아직 없습니다. 원문 가사를 표시합니다.
18
Thig an smeòrach as t-earrach Thig a' chuthag 's a' chèitein 'S bidh gach eun anns an doire Cumail coinneamh ri chèile Seinn ciùil air bhàrr chrannaibh 'S air bharraibh nan geugan Agus mise 's mo leannan Dol nas fhaide bho chèile Tha mo chìnn air an fhleasgach Dhonn leadannach bhòidheach Dhan a chinneadh nach strìochdadh 'S e de iarfhuil chlann dòmhnaill 'S mòr gum b'fhearr dhut mi agad Le beagan de stòras Na le buaile chrodh ballach Agus cailinn nach b'eòlach Comhairle bheirinns' air caileig Gun bhith amaideach gòrach Gun I thoirt a gaol falaich Do bhalach nach b'eòlach Bidh e briathrach ri tighinn 'S bidh a chridhe gu reòdhte 'S bidh a shùil a's a dhèidh Ach cò an roghainn as bòidhche Thig an smeòrach as t-earrach Thig a' chuthag 's a' chèitein 'S bidh gach eun anns an doire Cumail coinneamh ri chèile Seinn ciùil air bhàrr chrannaibh 'S air bharraibh nan geugan Agus mise 's mo leannan Dol nas fhaide bho chèile