Laoidh Mhoire Mhaighdeann

Laoidh Mhoire Mhaighdeann 가사

연도2001
장르Folk
길이5:16
원문 언어GA
조회수99
가사 좌표

원문 가사

GA
번역이 아직 없습니다. 원문 가사를 표시합니다.
18
'Se do bheatha, Mhoire Mhaighdeann O 's gille do Mhac na a' ghrian Rugadh am Mac an aois Athar Oighre Fhlathanais g'ar dion 'S iosal an ceum thug ar Slànuighear A nuas o Phàrras gu talamh 'Nuair a rugadh E 's an stàbull Gun tuilleadh aite dha falamh Cha d'iarr ban-righinn na h-ùmhlachd Fuirneiseachadh, rùm na seòmar Cha mhò dh'iarr i mnathan glùine Ach Righ nan Dùl bhith 'ga còmhnadh 'S èibhinn an sealladh a fhuair i 'Nuair thàinig E nuas a colainn Rothall i'n anartaibh bàna An Slànuighear thàinig g'ar ceannach Cha d'iarr Macan na h-uaisle Cuision na cluasag na leabaidh Gus an d'èirich leis a'mhàthair 'Ga chur 's a' mhainnseir 'na chadal Chruinnich na buachaillean bochda Ghabhail beachd air anns an tìm sin Chur misneach an lag 's an làidir Bhith cho dàna air an Righ sin Shoillsich rionnag anns an athar Rinn rathad dha na tri rìghrean Thàinig 'ga ionnsuidh le h-àbhachd Gaol is gràdh is fàilte is fìrinn Aig fheabhas rinn thu a ghlàidheadh Dol leis a latha 's a dh'oidhche Aig fheabhas rinn thu air feitheamh 'Se do bheatha Mhoire Mhaighdeann