An Ataireachd Ard

An Ataireachd Ard 가사

장르Folk
길이8:50
원문 언어GA
조회수181
가사 좌표

원문 가사

GA
번역이 아직 없습니다. 원문 가사를 표시합니다.
18
An ataireachd bhuan Cluinn fuaim na h-ataireachd àird Tha torunn a'chuain Mar chualas leams' e nam phàisd Gun mhùthadh, gun truas A'sluaisreadh gainneamh na tràghad An ataireachd bhuan Cluinn fuaim na h-ataireachd àird Seileach is luachair Cluaran, muran is stàrr Air tachdadh nam fuaran 'S an d'fhuair mi iomadh deoch-phàitht' Na tobhtaichean fuar Le bualan 's cuiseag gu'm bàrr 'S an deanntagach ruadh Fàs suas 's a' chagailt bha blàth 'S na coilltean tha siar Chan iarrainn fuireach gu brath Bha m'inntinn 's mo mhiann A-riamh air lagan a' bhàigh Ach iadsan bha fial An gnìomh, an caidreamh, 's an àgh Air sgapadh gun dìon Mar thriallas ealtainn ro nàmh Ach siùibhlidh mi uat Cha ghluais mi tuilleadh nad dhàil Tha m'aois is mo shnuadh Toirt luaidh air giorrad mo latha 'S an àm dhomh bhith suaint' Am fuachd 's an cadal a' bhàis Mo leabaidh dèan suas Ri fuaim na h-ataireachd àird