Nach Gòrach Mi Gad Chaoineadh

Nach Gòrach Mi Gad Chaoineadh 가사

장르Folk
길이3:56
원문 언어GA
조회수47
가사 좌표

원문 가사

GA
번역이 아직 없습니다. 원문 가사를 표시합니다.
18
Nach gòrach mi gad' chaoineadh 'S nach caoineadh tu mi Ro ghòrach thug mi gaol dhuit 'Gu faod thu bhith ga'm dhìth Ma thug fear eile bhuam thu Gur truagh a bhios mi O b'fheàrr a bhith 's an uaigh na Thu luaidh a bhith 'gam dhìth Ged gheibhinn s' an Roinn Eòrpa 'S na bheil do stòras innt' Ged gheibhinn sud air òrdugh 'S àite còmhnaidh innt Ged gheibhte na mo Dhiùc mi 'S ged chrùinte mi nam Righ B'fheàrr leam bhith riut pòsda Nam pòsadh tu mi Gur i mo ghaol-sa mhaighdeann Is grinn gun teid an gùn 'S i mo ghràdh-sa mhaighdeann Gu faighnichinn thu Gu faighnichinn roimh 'n or thu Aig bòidhchead do shùil Is an gaol a thug mi òg dhuit An diugh toirt deòir 'om shùil Comhairl' thoirt air òigfhear 'S cha ghòraiche i Gun ghaol a thoirt do dh' òg-bean Cho bòidheach 's gum bi i Ged labhras i gu ciùin riut Cùm dùinte do chrìdh' 'S feuch mun toir thu rùn dhi Gu lùb thu leat i Nach gòrach mi gad' chaoineadh 'S nach caoineadh tu mi Ro ghòrach thug mi gaol dhuit 'Gu faod thu bhith ga'm dhìth Ma thug fear eile bhuam thu Gur truagh a bhios mi O b'fheàrr a bhith 's an uaigh na Thu luaidh a bhith 'gam dhìth