Tha Mo Bhreacan-sa Fo'n Dìle

Tha Mo Bhreacan-sa Fo'n Dìle 歌詞

ジャンルFolk
時間1:53
原文言語GA
閲覧数139
歌詞座標

原文歌詞

GA
翻訳はまだありません。原文を表示しています。
18
Tha mo bhreacan-sa fo'n dìle Cha'n fhaod mi innse mar tha e Tha mo bhreacan-sa fo'n dìle Tha mo bhreacan gu fluich, fuarraidh Cha ghabh e cur suas am maireach Tha mo bhreacan gu fliuch salach Cha'n fhaod mi fuireach ri fhàsgadh Tha mo bhreacan air a mhilleadh Aig na gillean anns' a bhàta Bidh mi 'maireach 'dol a sheòladh Cha'n ann air m'eòlais a tha mi 'Dol a dh'eilean nan eòin fiadhaich Cha robh duine riamh a'tamh ann 'Dol a dh'eilean nan eun dubha Cha bhidh mi subhach no sàmhach Thoir mo shoraidh do Ghleann-Lochaidh Far an robh mi òg gu'm àrach Far am faighte gruagach bhòidheach 'G iomain bhò gu bealach àiridh 'Tha na nighneagan 'an gruaim rium Bho'n a fhuair mi'n còta-sgàrlaid Fhuair mi paidhir bhrògan ùra Boineid dhubh-ghorm 'us coc àrd innt'