Micheal

Micheal 歌詞

年1998
ジャンルFolk
時間28:44
原文言語GA
閲覧数49
歌詞座標

原文歌詞

GA
翻訳はまだありません。原文を表示しています。
18
Mile marbhaisg air na fearaibh 'Siad tha caochlaideach carach nam beul Cha taobh iad te fhalamh 'On nach biodh aice earras dha reir Dh'fhaodadh te bhith gun tochradh Bhith gu siobhalta socair a beus 'S nighean bodaich le codach Bhith gu h-ardanach droch bheulach brein Gur e mis' tha fo mhinginn Bho lath chuir iad an snaim air mo ghradh Se do thuras-sa mhicheil a dh'fhag M'aigne cho iosal gach lath Thuirt thu rium a bhith deiseil Gus do bhanais a sheasamh gun dail Rinn thu rithist ath-smaointinn 'S dh'fhag sud mise nam aonar gu brath Tha mo cheist air an armunn Gura camlagach aluinn a ghnuis Tha do mhais ann-ud aodann Nach cuir duin' air an t-saoghal air chul Ach ma rinn thu mo threigsinn Aig gainead mo spreidh air mo chul Mo mhile beannachd na d' dheidh 'S biodh agad na roghainnich thu "O tha mi fhathast gun phosadh A dh'aindeoin luchd sgeodail nam breug Cha robh duil agam t'fhagail Fad 's a choisichinn slan air an fheur Fad 's dh'fhanainn mar bha mi 'S a ghleidhinn mo naire 's mo chiall 'S cha bu lugha na 'n caoch Bheireadh orm-sa do ghaol a chuir dhiom"