Fhir An Leadain Thlath

Fhir An Leadain Thlath 歌詞

年2004
ジャンルFolk
時間3:54
原文言語GA
閲覧数52
歌詞座標

原文歌詞

GA
翻訳はまだありません。原文を表示しています。
18
Fhir a leadain thlàth Dh'fhàg thu mi fo bhròn Fhir chul dualaich chleachdaich 'S bòidhche snuadh ri fhaicinn Tha do ghaol an tasgaidh 'N seòmar glaist' 'nam fheòil Fhir a leadain chraobhaich B'òg a rinn thu m'aomadh Thug thu mi o m'dhaoine A fhuair mo shaothair òg Fhir a leadain laghaich 'S tu mo rùn 's mo roghainn Nan sguireadh tu thaghail 'S an tigh 's am bi'n t-òl An toiseach a' gheamhraidh 'S ann a ghabh mi geall ort Shaoil leam gum bu leam thu 'S cha do sheall thu'm chòir 'N gàire rinn mi'n uiridh Chuir mo cheum an truimead 'S mise tha gu duilich 'S muladach mo cheòl Tha mi trom an dràsd' 'S e sin fàth mo dheòir Fhir a leadain thlàth Dh'fhàg thu mi fo bhròn