Luadh An Toraidh

Luadh An Toraidh 歌詞

アルバムDownriver
2005
ジャンルFolk
時間4:21
原文言語GD
閲覧数64
歌詞座標

原文歌詞

GD
翻訳はまだありません。原文を表示しています。
18
Uair a bha an tir mar fhàsach, Cha robh bròg a thogadh danns ann, 's gann am beul a sheinneadh duan ann, Smior an dream mar ath-sgal tuamach. Creid ar nàimhdean is an cumhachd, Iad a dh'iarr ar muchadh buileach; Ann an lagh is ann am foghlam, Dhiùlt iad dhuinn ar cliù 's ar còirean Seòlta mar a chaidh ar mealladh Gu bhi measadh faoin ar teanga Gus an robh i cnàmhte 's anfhann, An impis a bhi suaint san anairt - Thog sinn strì 's cha b'ann le fòirneart Ach le fonn is ruighl' is òran Cha b'e caismeachd tromh na sràide Ach tromh a buadhan grinn, a ghàidhlig. Seinn is seinn, o seinn a nàbaidh, mireadh chasan, o hi Seinn as ùr i, ar seann chànan, binneas bhilean, o ho