Tha Mo Spiorad Cianail

Tha Mo Spiorad Cianail 歌詞

ジャンルFolk
時間3:26
原文言語GA
閲覧数171
歌詞座標

原文歌詞

GA
翻訳はまだありません。原文を表示しています。
18
Tha mo spiorad cianail Gach latha tha 's a'bhliadhna 'S e dh'hàg mi òg ri liathadh Nach fhaod mi triall do chladaichean Cha chluinn mi sàl ri m' chliadhaich A tràthadh no ri lìonadh 'S na bàtaichean ri iasgach Gu rianail mu do chamusan Chan fhaic mi stamh neo maorach No'n duilisg milis craobhach Ged 's tric a bha mi crùbach Gam buain bheir taobh nan carachan 'S an fheasgar ceòthar bàghach Nì an t-eadhar seòladh sàmhach Cha chluinn mi fuaim nan ràmh aic' Neo fuaim an t-sàl mu'n toiseachs' aic' Cha chluinn mi diog nan clèibh aic' Nuair bhios iad a'toirt an èisg asd 'S na balaich bheag' ag èigheach A'ruith 's a'leum 's iad cas-ruisgte Tha mo spiorad cianail Gach latha tha 's a'bhliadhna 'S e dh'hàg mi òg ri liathadh Nach fhaod mi triall do chladaichean