Cànan Nan Gàidheal

Testo di Cànan Nan Gàidheal

Anno2015
Durata4:43
Lingua originaleGD
Visualizzazioni116
Coordinate del testo

Testo originale

GD
Traduzione non ancora disponibile. Mostriamo il testo originale.
18
Cha b'e sneachda 's an reóthadh bho thuath Cha b'e `n crannadh geur fuar bho `n ear Cha b'e `n t-uisge 's a'ghaillionn bho `n iar Ach an galair a bhlian bho `n deas Blàth, duilleach, stoc, agus freumh Cànan mo threubh 's mo shluaidh Thig thugainn, thig cò'ruim gu siar Gus an cluinn sinn ann cánan nam Féinn Thig thugainn, thig cò'ruím gu siar Gus an cluinn sinn ann cànan nan Gáidheal Nuair chithear fear-féilidh'sa ghleann Bu chinnteach gur Gáidhlig a' chainnt Nuair a spion iad a threumh as an fhonn `N àite Gàldhlig tha cánan a ghoill `S a Ghaidhealtachd creadhal-nan-sonn `S tir mhajors is cholonels `n diugh innt' Thoir a nuas dhuinn na coinnleirean òr 'S annt caraibh na coinnlean geal cèir Lasaibh suas iad an seòmair a'bhròin Tigh-aire seann chànan a' Ghàidheil 'Se siud o chionn fhad' thuirt an námh Ach fhathast tha beò cànan a' Gàidheal Ged theich i le beath' às na glinn Ged na cluinnear a-nis muigh i's an Dùn O Dhùthaich MhicAoidh, fada tuath Gu an ruig thu Druim-Uachdar nam bò Gidheadh, anns na n-Eileanan Siar 'Si fhathast ann ciad chàinnt an t'sloigh