An Dà Fheannaig

An Dà Fheannaig লিরিক্স

বছর2006
ধরনFolk
সময়3:15
মূল ভাষাGA
ভিউ120
লিরিক্স স্থানাঙ্ক

মূল লিরিক্স

GA
অনুবাদ এখনো নেই। মূল লিরিক্স দেখানো হচ্ছে।
18
Chuala mi 's mi là air sgrìob Dà fheannaig bha ri bròn neo-bhinn Is tè dhiubh gairm leis an dìth "Cà 'n-diugh an tèid sinn shireadh bìdh?" Tha thall air cùl a' ghàrraidh fhàil Tighearn air ùr-chur chun a' bhàis 'S chan fhiosrach aon gu bheil e ann Ach a chù, 's a sheabhag 's a chèile dhonn Tha 'n cù air falbh a shealg an fhèidh 'S tha 'n t-seabhag an tòir air eòin an t-slèibh Tha leannan eil' aig a chèile phòst' 'S nis teannamaid fhìn ri cuirm is ròic Suidhidh tu fhèin air chàimh a chlèibh Criomaidh mi fhìn a ghorm-shùil shèimh Is càiridh a chùl òr-bhuidh' trom Ar nead nuair bhios e cinntinn lom Is mòr na chaoineas air a sgàth Ach cha tig fios a bheò no bhàis Is thar a chnàmhan loma, bàn Bidh sèideadh gaoithe gu Là Bhràth